[read english version]
Margaret Maclean (Mairead Bean Ruairi Iagain
Ruairi) of Boisdale, Cape Breton County is a treasure,
and a patient and generous teacher. She sings this
milling song which, as so many do, describes a woman
waiting in vain for her lover to come back from the sea.
Iù ò ra hiù ò
O hì o hì ò
Iù ò ra hiù ò
Gura mise tha fo mhulad
Air an tullaich ud shuas
Cha dìrich mi bruach
Cha siubhal mi buan
Cha dean mi ceum còmhnard
a’ Dhòmhnach na Luain
‘S tric mo shùil air a’ rubha
Far a’ bhruaich ud shuas
Cha n-eil bàt’ a thig o ‘n rubha
Nach dubhaich ri m’ghruaidh
Na bàt’ a thig o ‘n chaolas
Nach caochail mi snuadh
Cha chaidil mi idir
Gus an tig na bheil bhuam
Cha n-eil cùmha mo leannain
A th’air m’aire an ceart uair
Ach cùmha nam bràithrean
Cùl fàinneach nan dual
Turas Dhòmhnaill ‘s Ailein
Chuir an tainead ‘nam gruaidh
Tha do phreasain ‘nam chiste
Rìgh bu mhisde mi ‘ad bhuam
Tha do bhrògan ‘nam chasan
Nì nach laigh orm fuachd
Tha do riobaidean sgàrlaid
A’ cuir deàrrsaidh ‘nam ghruaidh
Tha do nèapagain rìomhach
Gùn shìoda chaol buan
‘S truagh leam dìol do chuim cùmhach
Bhi fo mhighean nan stuadh
Agus dìol do chuim chlannaich
Bhi ‘s an fheamainn ‘ga luadh
Sung by Margaret Maclean
Backup vocals: Mary Jane Lamond
Recorded at Margaret’s home in Boisdale, Cape Breton by
David Hillier |